Cumhachd nas saoire do dhaoine a tha a' fuireach faisg air bun-structar dealain

Crainn-dealainTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh daoine a tha a' fuireach faisg air crainn agus bun-structar dealain faochadh luach £2,500 thairis air deich bliadhna fhaighinn bho na cunntasan cumhachd aca.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dòchas gun cuir na planaichean aca, a tha lùib Bile Planaidh agus a' Bhun-structair a tha a' dol mu choinneamh Pàrlamaid Westminster Dimàirt, spionnadh ann an leasachaidhean bun-structair.

Tha iad an dòchas gun lùghdaich seo argamaidean an aghaidh obair-togail airson bun-structair do sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail agus gun tèid co-dhùnaidhean mu iarrtasan dealbhachaidh a dhèanamh nas luaithe.

Dh'fhaodadh seo buaidh mhòr a thoirt air a' Ghàidhealtachd, far a bheil leasachaidhean mòra gan cur air adhart le SSEN air loidhnichean dealain agus air fo-stèiseanan dealain.

Chaidh fianais a thogail an aghaidh loidhne-dealain an Strath Pheofhair anns a' Ghearran am-bliadhna.

Agus chaidh draghan a thogail cuideachd mun loidhne-dealain chonnspaideach eadar an Spideal ann an Gallaibh agus a' Mhanachainn.

Bha dragh air luchd-iomairt mu cho àrd 's a tha na crainn a tha san amharc is cho faisg 's a bhiodh iad air bailtean.

Coimhearsnachdan a' call

Ach tha cuid de bhuidhnean a tha a' riochdachadh choimhearsnachdan dùthchail air draghail a thogail mu na planaichean.

Tha iadsan ag ràdh na gabh prìs a chur air a' chall a bhiodh ann do na coimhearsnachdan sin a thaobh cruth na tìre.

Agus ma thig lùghdachadh air cunntasan-dealain do chuid, chì feadhainn eile àrdachadh.

Dhearbh Rùnaire na Cumhachd, Ed Miliband, gum faodadh prìsean anns a' chumantas air feadh na dùthcha a dhol an àirde.

Ach thuirt e gum biodh na buannachdan a bhiodh an lùib nan atharrachaidhean "tuilleadh is a' pàigheadh" airson an àrdachaidh sin.

A bharrachd air cunntasan nas saoire, tha dùil gun tèid stiùireadh ùr fhoillseachadh leis an riaghaltas mu ciamar a bu chòir dhan luchd-leasachaidh maoineachadh a thoirt do bhuannachdan anns a' choimhearsnachd a leithid phrògraman foghlaim agus goireasan spòrs.

Tha an riaghaltas cuideachd a' coimhead air ciamar as urrainn do choimhearsnachdan a tha faisg air tuathan-gaoithe aig muir agus leasachaidhean bun-structair eile timcheall air na cladaichean buannachdan fhaighinn asta.