An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Caora"
b r2.7.3) (Robot: Adding new:फइ |
b r2.7.2) (Robot: Adding hif:Bherra |
||
Loidhne 64: | Loidhne 64: | ||
[[he:כבש הבית]] |
[[he:כבש הבית]] |
||
[[hi:भेड़]] |
[[hi:भेड़]] |
||
[[hif:Bherra]] |
|||
[[hr:Domaća ovca]] |
[[hr:Domaća ovca]] |
||
[[ht:Mouton]] |
[[ht:Mouton]] |
Mùthadh on 20:55, 5 dhen Mhàrt 2013
'S e creutair ceithir-chasach a tha anns a' chaora (Ovis aries). Tha casan crodhanach air caoraich, mar a tha air crodh, fèidh, goibhrean agus muic.
Eadar dròbhan nan tuathanaich mòra, treudan nan club stoc aig na bailtean croitearachd agus na treudan beaga aig croitearan fa-leth, tha iad cumanta air feadh Alba.
Tha daoine air a bhith ri àrach chaorach bho linn a' Bhiobaill. Cumar iad airson caochladh adhbharan: airson clòimh, airson feòil agus (uaireannan) airson bainne. Chanar "cìobaire" ri fear no tè a bhios a' coimhead às dèidh chaorach air ceann a chosnaidh.
Tha iomadh briod chaorach ann. San latha an diugh is iad "Caoraich Dubh-cheannach" agus "Caoraich Mhaola" as cumanta air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha na dubh-cheannaich nas righinn na na Caoraich Mhaola, agus fanaidh iad beò air monaidhean Alba fad a' gheamhraidh, air an fheurach a-mhàin bidh cuid ag ràdh (ged a chanadh feadhainn eile gur h-e dearg amaideas a tha seo). Tha na caoraich mhaola nas motha agus nas truime, agus gheibh iad prìsean as fheàrr aig fèilltean-reic nan uan a tha gan cumail gach foghar, ach feumaidh iad biathadh geamhraidh; mar sin tha iad nas daora a ruith. Ach tha iad fhathast fìor thapaidh.
'S iad caoraich mhaola a tha rim faicinn san dealbh air an duilleig seo. 'S iad seo "Na Caoraich Mhòra" bhon tàinig an abairt "Bliadhna nan Caora Mhòr", agus a dh'adhbharaich (ann am pàirt) fuadach nan Gàidheal.