Jump to content

Ouagadougou

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 04:56, 9 dhen Chèitean 2011 le ChuispastonBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (r2.7.1) (robot Adding: zh-yue:Ouagadougou)
Ouagadougou
Suidheachadh
Dùthaich Buircina Fhaso
Ceàrn Centre Region
Sgìre Kadiogo
Co-chomharran 12° 22’ 13" Tuath
1° 20’ 29" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,805 km²
Àireamh-shluaigh 1,523,980 (2006)
Dlùths 543.31/km²

'S e prìomh-bhaile Bhuircina Fhaso a tha ann an Ouagadougou, ainm goirid: Ouaga. Anns a' bhliadhna 2006 bha 1,181,702 duine [1] a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha a tha anns an dùthaich seo. Tha Ouagadougou suidhichte air àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha.

'S e teas meadhan malairteach 's gnìomhachail a th' ann. Bha an Ouagadougou grand market, aon de na blàr-fèillean as motha air feadh Afraga-an-Iar, suidhichte an seo cuideachd. Ach chaidh an losgadh ann am 2003 agus tha e duinte fhathast.

Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann ris an chanar Ouagadougou Airport. Tha rathad-iarainn ann an Ouagadougou cuideachd, tha am baile ceangailte le Abidjan ann an Costa Ìbhri agus Kaya ann an taobh tuath Burkina Faso. Tha rathad mòr ann gu Niamey, prìomh-bhaile Nìgeir.

Iomradh

  1. National 2006 census preliminary results [1]
Ouagadougou, meadhan a' bhaile
Rathad anns an earra-dheas Ouagadougou
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: