Ouagadougou
Ouagadougou | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Buircina Fhaso |
Ceàrn | Centre Region |
Sgìre | Kadiogo |
Co-chomharran | 12° 22’ 13" Tuath 1° 20’ 29" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,805 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,523,980 (2006) |
Dlùths | 543.31/km² |
'S e prìomh-bhaile Bhuircina Fhaso a tha ann an Ouagadougou, ainm goirid: Ouaga. Anns a' bhliadhna 2006 bha 1,181,702 duine [1] a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha a tha anns an dùthaich seo. Tha Ouagadougou suidhichte air àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha. Tha Ouagadougou 772km air falbh bho Accra (Gàna), 756km bho Lomé (Togo), 742km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri), 414km bho Niamey (Niger), 703km bho Bhamako (Mali) agus 798km bho Cotonou Benin).[2] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 307m os cionn ìre na mara.[3]
'S e teas meadhan malairteach 's gnìomhachail a th' ann. Bha an Ouagadougou grand market, aon de na blàr-fèillean as motha air feadh Afraga-an-Iar, suidhichte an seo cuideachd. Ach chaidh an losgadh ann am 2003 agus tha e duinte fhathast.
Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann ris an chanar Ouagadougou Airport. Tha rathad-iarainn ann an Ouagadougou cuideachd, tha am baile ceangailte le Abidjan ann an Costa Ìbhri agus Kaya ann an taobh tuath Burkina Faso. Tha rathad mòr ann gu Niamey, prìomh-bhaile Nìgeir.
Bailtean Co-cheangailte
- Kumasi
- Cubhait
- Leuze-en-Hainhault
- Llansawel
- Olst-Wijhe[4]
- Quebec (Còrdadh cho-obrachaidh)[5]
- San Miniato
- Taipei
- Torino
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- ↑ National 2006 census preliminary results [1]
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Mongabay
- ↑ TwinCities Nederland
- ↑ Comhairle Bhaile Québec
Dealbhan
-
Ouagadougou, meadhan a' bhaile
-
Rathad anns an earra-dheas Ouagadougou
-
Ouagadougou bhon adhar
-
Cathair-eaglais a’ bhaile
-
Am baile o shean
Abuja • Accra • Addis Ababa • Algiers • Antananarivo • Asmara • Bamako • Bangui • Banjul • Bissau • Brazzaville • Bujumbura • Cairo • Conakry • Cotonou • Djibouti • Dakar • Diuba • Dodoma • El Aaiún • Freetown • Gaborone • Harare • Kampala • Khartoum • Kigali • Kinshasa • Libreville • Lilongwe • Lomé • Luanda • Lusaka • Malabo • Maputo • Maseru • Mbabane • Mogadishu • Monrovia • Moroni • Nairobi • N'Djamena • Niamey • Nouakchott • Ouagadougou • • Port Louis • Porto Novo • Praia • Pretoria • Rabat • São Tomé • Tripoli • Tunis • Victoria • Windhoek • Yamoussoukro • Yaoundé