Jump to content

Ocaña

O Uicipeid
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
Ocaña
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Norte de Santander
Sgìre Ocaña
Àirde 1202m
Co-chomharran 08° 14' 15' Tuath
73° 02' 26' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 672 km²
Àireamh-shluaigh 90,517 (2005)
Dlùths 134.7/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile meadhanach ann an Norte de Santander, Coloimbia,[1] a th' ann Ocaña. Tha e suidhichte aig 1,202m os cionn ìre na mara aig astar dhe 203km bho Chúcuta. 'S e baile le gnàth-shìde uabhasach blàth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 22˚ aige. 'S e Ocaña an 52mh baile as motha na dùthcha.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1570.

Freumhan an Ainm

'S e ainm Spàinnteach a th' ann an Ocaña. Tha baile leis an aon ainm faisg air Toledo, mu dheas Madrid.[3]

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 90,517 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, chan eil ach 11,690 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ocaña, ach tha 10.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.12% dhe na daoine ann an Ocaña leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 38.9% dhe na dachannan.[6]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ocaña. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Ocaña, An Spàinn
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Collmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Ocaña