Àrd-diùcachd Frankfurt
Coltas
Àrd-diùcachd Frankfurt Großherzogtum Frankfurt | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1810 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1813 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Aschaffenburg | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis/Fraingis |
B’ e dùthaich bheag anns a’ Ghearmailt a bh’ ann an Àrd-diùcachd Frankfurt (Gearmailtis: Großherzogtum Frankfurt, Fraingis: Grand-duché de Francfort) a mhair bho 1810 gu ruige 1813. Chaidh an Àrd-diùcachd a chruthachadh ann an 1810 nuair a dh'aonaich Karl Theodor Anton Maria von Dalberg a chuid oighreachdan ann an aon stàit, Prionnsalachd Aschaffenburg agus Frankfurt nam measg. Bha Àrd-diùcachd Frankfurt na ball Co-chaidreachas na Rèine[1] agus b’ e Aschaffenburg a bh' ann prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Ghabh Rìoghachd Bayern thairis air ann an 1813.