Jump to content

Alexis de Tocqueville

O Uicipeid
Alexis de Tocqueville
Q59616651 Translate

2 dhen Mhàrt 1839 - 2 dhen Dùbhlachd 1851
8. Seat 18 of the Académie française (en) Translate

23 dhen Dùbhlachd 1841 - 16 dhen Ghiblean 1859
Jean-Gérard Lacuée, count of Cessac (en) Translate - Jean-Baptiste Henri Lacordaire (en) Translate
ceann-suidhe

1849 - 1852
Léonor Joseph Havin (en) Translate - Urbain Le Verrier
Minister of Foreign Affairs (en) Translate

2 dhen Ògmhios 1849 - 31 dhen Dàmhair 1849
Édouard Drouyn de Lhuys (en) Translate - Alphonse de Rayneval (mul) Translate
Beatha
Ainm slàn Alexis-Charles-Henri Clérel de Tocqueville
Breith Paris, 29 dhen Iuchar 1805
Dùthaich  An Fhraing
Àite-fuirich Château de Tocqueville (en) Translate
Ciad chànan Fraingis
Bàs Cannes, 16 dhen Ghiblean 1859
Àite-adhlacaidh Tocqueville
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (a' chaitheamh)
Teaghlach
Athair Hervé Clérel de Tocqueville
Màthair Louise Le Peletier de Rosanbo
Cèile Mary Mottley Tocqueville (en) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Q3065042 Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Pharas
Lycée Fabert (en) Translate
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, neach-poileataigs, sgrìobhadair, sòiseo-eòlaiche, lagh-eòlaiche agus eachdraiche
Obraichean comharraichte Democracy in America (en) Translate
The Old Regime and the Revolution (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Blaise Pascal (mul) Translate agus Montesquieu (mul) Translate
Ballrachd Académie Française (en) Translate
Académie des Sciences Morales et Politiques (en) Translate
Académie des sciences, arts et belles-lettres de Caen (en) Translate
Creideamh
Creideamh Caitligeachd

Air a bhreith ann an 1805, chanadh iomadach duine gun do mhìnich Alexis de Tocqueville (IPA: alɛksis də tɔkvil) nàdar na dùthcha agus an t-sluaigh Aimeireagaich na b' fheàrr na duine roimhe no duine eile a lean.

Cha robh e ach 25 agus a treànadh airson dreuchd a ghabhail mar bhreitheimh nuair a shiubhail e gu Aimeireaga ann an 1831 le caraid dha, Gustave de Beaumont, a bha cuideachd na fhear-lagha. Airson mu naoi mìosan chuairtich iad an dùthaich – bho New Orleans an taobh an deas na dùthcha gu Michigan faisg air na crìochan le Canada. B’ e an obair a thug iad tarsainn air A' Chuan Siar agus còir aca rannsachadh a dhèanamh air prìosanan anns na Stàitean Aonaichte gus am b’ urrainn do luchd na Frainge na prìosanan acasan a leasachadh, ach dh’aidich e aig an àm gun robh làn a dhùil aige barrachd a dhèanamh agus e an dòchas “pìos mòr a sgrìobhadh agus cliù a choisinn dhuinn fhèin.”

Mar rannsaichear chan eil teagamh sam bith gur e duine comasach dha-rìreabh a bh’ ann an de Tocqueville agus bhiodh e a' còmhradh agus a' cur ceistean air a h-uile duine gun diofar am b' e luchd-obrach bochd a bh’ annta no dotairean, seanadairean, ollamhan, uachdarain gu duine ainmeil agus cumhachdach mar Sam Houston, a bha na cheann-suidhe air Texas mus do dh’aonaich e leis na Stàitean, am President Anndra Jackson agus am President John Quincy Adams. Gu dearbh fhèin fhuair e fiù 's cothrom bruidhinn ri Charles Carroll – an duine mu dheireadh a bha beò a chuir ainm ris an Declaration of Independence agus an duine a bu bheartaich anns an dùthaich aig an àm sin. An dèidh a' chuairteachaidh mhòir a rinn e agus na h-oidhirpean aige rannsachadh domhainn a dhèanamh air nàdar na dùthcha, thill e dhachaidh agus sgrìobh e “Democracy in America” agus ged a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1835 cha deach e a riamh a-mach à clò.

Tha an leabhar seo sònraichte cliùiteach airson mar a bha tuigse aige air eachdraidh na dùthcha agus cho tric ‘s a bhruidhinn Tocqueville air rudan a thachaireadh thairis air na bliadhnachan a bha rin tighinn. Dh’aithnich...?

Bha dragh mòr air Tocqueville mun “tyranny of the majority” agus 's ann bhuaithe a thàinig an teirm sin. Thuirt e gun robh cumhachd dha-rìreabh aig am majority anns na Stàitean Aonaichte agus gun robh e duilich do dhuine dhol an aghaidh a' mhòr-shluaigh an dèidh dhaibh tighinn gu aontadh air ceist. Bha e dhen beachd gur e rud cunnartach a bha seo, agus gum faodadh e cròn a dhèanamh anns an àm ri teachd. Chanadh cuid gun robh seo ri fhaicinn anns na bliadhnachan a lean 9/11 agus tha e duilich dha-rìreabh beachdachadh an aghaidh a mhòr-shluaigh.

Tha Tocqueville fosgailte agus buadhach do gach ginealach ùr agus a' cleachdadh daoine le iomadach beachd no pàrtaidh no feallsanachd phoilitigeach na thuirt e mar fhianais gu bheil na beachdan aca ceart. ‘S e aon de na beachdan as ainmeil a bh’ aige gun tigeadh Aimearaga agus an Ruis gu còmhstri agus iad air fàs nas cumhachdach na na dùthchannan eile. “Tha atharraichean mòra dha-rìreabh eatarra, agus dòighean nan sluaghan a cheart cho atharraichte. Ach tha a h-uile coltas ann gu bheil e an dàn gum bi buaidh aig gach dùthaich thairis air leth an t-saoghal anns an linn ri thighinn.”

Aig àm a' chogaidh fhuair bha luchd na làimhe-dheise ann am poileataigs Ameireagach gu math deidheil air cho tùrail ‘s a bha e agus bhiodh iad gu tric ag ràdh na thuirt e nuair a rinn e coimeas eadar na Stàitean Aonaichte agus an Ruis:

“aig cridhe an Ameireagach tha a nàdar aige stèidhichte air saorsa; aig cridhe an Ruiseanaich tha a nàdar stèidhichte air tràillealachd.”

Ach aig a cheart àm bhiodh luchd na làimhe chlì a' freagairt le beachd eile a bh’ aige:

“Chanain gum bì e gu sìorraidh nas fhasa do phrionnsa a dh’èiricheas ann an dùthaich a tha deamocrach agus cumhachdach arm a thoirt gu cogadh eile na a chumail ann an sìth an deidh buaidh fhaighinn.”

Mar Chaitligeach, ghabh Tocqueville beagan ioghnadh air cho làidir ‘s a bha creideamh anns na Stàitean Aonaichte, agus e den bheachd gun robh an sluagh nas diadhaidh air fad na bha sluagh na Frainge. Bhruidhinn e mun chùis ri luchd-leantainn bhon a h-uile eaglais, ach gu h-àraidh sagartan na h-Eaglaise Chaitligich, agus chuala e bho gach taobh gur e mar a bha sgaradh laghail ann eadar an eaglais agus an stàit a bha fàgail creideamh cho làidir. Mar sin sgrìobh e

“cho fad 's nach eil cumhachd aig creideamh seachad air dòchas agus dòigh a thoirt do dhuine ann am bròn, buannaichidh e aithre mic-an-duine.”

Ach thug e seachad rabhadh cuideachd:

“chan urrainn do chumhachd an riaghaltais a bhith aig na h-eaglaisean gun daoine a' fàs a cheart cho gràineil nan aghaidh ‘s a tha iad ris an stàit agus luchd-poileataigs fhèin.”

Bha è gu math teagmhach mun dòigh a bhiodh an riaghaltas agus cumhachd luchd-phoileataigs a' fàs agus a' sgaoileadh agus tòrr de na thuirt e a cheart cho iomchaidh ann an Washington san latha an diugh. Bhruidhinn e air mar a tha an-còmhnaidh sluagh mòr de dhaoine ann a ghabhas ris a' phrionnsabal nach eil gnothaich sam bith aig an riaghaltas ri na thachras ann am beatha prìobhaideach, ach aig a cheart àm tha iad uile a feuchainn ri argamaid a dhèanamh gu bheil adhbhar sònraichte aig an riaghaltas taic a thoirt dha anns na cùisean aig a bheil buaidh air an obair aigesan, ach nach bu choir dha idir gabhail ri roinn sam bith eile.

Ged a bha Tocqueville mothachail air trioblaidean, agus na paradoxes, a bha rin lorg anns an t-siostam Aimeireagach tha Democracy in America làn dòchais airson, agus a dèanamh moladh air, na Stàitean Aonaichte agus e ag ràdh mu dheireadh “ann an America chan e na Stàitean Aonaichte a chunnaic mi a-mhàin ach fìor-chruth agus nàdar Deamocrasaidh fhèin.”

Chunnaic e mu fhichead bliadhna mus do thachair an Cogadh Sìobhalta, gum biodh cogadh mòr borb ann, stèidhichte ann an taobh a deas na dùthcha – ged a bha esan den bheachd gur ann eadar na daoine dubha agus na daoine geala a bhiodh e an àite eadar taobh tuath agus taobh deas nan Stàitean.

Canaidh tòrr dhaoine - ge a b’ e coigrich th’ annta no Ameireagach – gur ann tro shùilean Tocqueville agus an sgrìobhadh a rinn e o chionn corr is 170 bliadhna a thuigse iad nàdar nan Stàitean Aonaichte.