Dubhras na Doire
Dubhras na Doire | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 18′ 55″ Tuath 03° 44′ 32″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01848 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Seann Chathair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Dubhras na Doire. Tha e suidhichte aig 175m os cionn ìre na mara[1] ann an ceanna tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Cuingealach, ri taobh na h-aibhne Uisge Charrain.[2] Tha e 228km air falbh bho Obar Dheathain, 69km bho Ghlaschu, 28km bhon Dhùn Phrìs agus 79km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dubhras na Doire. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, thathar a' cumail rèis an seo gach bliadhna[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is feumar a dhol dhan sgoil ann am Bàrr na Dris.[5]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha campa Ròmanach an seo o shean, ri linn Antonius Pius (86 - 161).[6] Thogadh na tobhtaichean sin sa sgìre seo gus smachd a chumail air Bealach Dalveen, a tha dìreach ri chùlaibh a' bhaile. Chaidh Na Seumasaich seachad air Dubhras na Frìthe air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[7] Nochd am baile anns an nobhail Rab and his Friends, a sgrìobh an Dotair Iain MacGilleDhuinn ann an 1859.[8] Bha eaglais air a bhith ann bho na meadhan aoisean ach chaidh i a leasachadh sa 17mh linn is sa 18mh Linn leis na Queensberry, uachdaran na sgìre.[9] Bha mu 1,800 duine a' fuireach an seo ann an 1851, ach thuit an àireamh seo san dàrna leth dhen 19mh Linn ri linn a Thionndaidh Ghnìomhachais.[10] A-rèir carragh-chuimhne faisg air an t-stèisean, fhuair 28 duine às an sgìre seo bàs sa Chogadh Mòr[11] agus seachdnar eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Elevation Map
- ↑ Scottish Places
- ↑ Distance From
- ↑ Carnethy
- ↑ School Guide
- ↑ Canmore
- ↑ Am Baile[dead link]
- ↑ Gutenberg
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Vision
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck