Huesca (provincia)
Huesca
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Huesca City (en) | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 15,636 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 219,138 (2014) | ||||
Dlùths | 14.01/km² | ||||
Àireamh fòn | + (974) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Huesca (IPA: weska, Aragonais: Uesca, Catalanais: Osca). Tha e na laighe ann an Aragón, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Huesca a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Aragòin i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Huesca fad 15,636km²[3] agus tha 219,138 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 43mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an siamh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Zaragoza, Nafarroa, Lleida agus An Fhraing.[5] 'S e Spàinntis, Catalanais agus Aragonais a tha gam bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à Bolsksan ann an Ibearais, air sàilleabh gu bheil an t-ainm a' nochdadh air buinn Ibearach, ach chan eil e soilleir na tha sin a' ciallachadh idir. Chaidh sin atharrachadh gu Osca no Urbs Victrix Osca ann an Laideann às aonais an t-iar-leasachan -skan, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach - b' e atharrachadh mòr a bh' ann. On 8mh Linn a-mach chanadh وشقة (Washqah)[6] ris an àite ann an Arabais agus nochd am foirm ùr a th' againne an latha an-diugh an dèidh nan Arabach: Huesca ann an Spàinntis (le dà-fhoghair an àite fuaimreag: /ɔ/ gu /wo/).[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.