Jump to content

Impireachd nan Otomanach

O Uicipeid

دولت عليه عثمانیه
Impireachd nan Otomanach



facal-suaicheantais:
دولت ابد مدت
(Turcais: "An Impireachd Neo-bhuan")
Cànain Oifigeil Turcais
Prìomh-bhaile Söğüt (1299 - 1335)
Bursa (1335 - 1363)
Erdine (1365 - 1453)
Istanbul (1453 - 1922)
Creideamh Oifigeil Ioslam
Ceann na Stàite Impire
Ceann an Riaghaltas Bey, Sultan, Cailif air neo Bhisir Mòr
Ceannsal Monarcachd shlàn
Monarcachd bhun-reachdail
Àrainn1683: 5,200,000km2
1914: 1,800,000km2
Sluagh 1856: 35,350,000
1906: 20,884,000
1912: 24,000,000
Stèidheachadh Air a stèidheachadh le Osman I ann an Aisia Bheag
Crìoch Ar-a-mach Mustafa Kemal Atatürk ann an 1922
A Chiad Impire Osman I (1299 - 1323)
Impire mu dheireadh Mehmet VI (1918 - 1922)
Airgead Akçe, Para, Sultani, Kuruş, Lira
edit

B' e impireachd Mhuslamach làidir a mhair bho 1299 gu ruige 1922 a bh' ann an Impireachd nan Otomanach. Chaidh a stèidheachadh le Osman I[1] - às an tàinig an t-ainm - ann an Söğüt agus thàinig e gu crìoch tron ar-a-mach a chruthaich Mustafa Kemal Atatürk.[2] Nuair a bha Impireachd nan Otomanach aig àrd a chumhachdan shìneadh i air feadh na Roinn Eòrpa, Afraga agus Aisia fad 5,200,000km2 (1683) agus bha 35,350,000 (1856) duine a' fuireach taobh a-staigh a cuid chrìochan.

Ainm na h-Impireachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil am fuaim /θ/ ann ach ann an corra cànan, Arabais, Beurla, Gàidhlig, Greugais agus Spàinntis nam measg. Nuair a thogas cànan eile facal le /θ/ bithear ga atharrachadh daonnan gu /s/ air neo /t/. B' e seo a thachair do dh'ainm a' chiad shultan. Mar mhulsamach, bha ainm Arabais aige: عثمان (Uthmān). Ann an Turcais thathar a' cleachdadh Osman mar ainm pearsanta, ach b' e Otoman le /t/ a chaidh a chur air an dùthaich.[3] A bharrachd air sin, b' e ainm le fuaimneachadh Farsi a chaidh a chleachdadh anns an ainm slàn: devlet (دولت) - stàit - bhon Arabais dawlat (/v/ an àite /w/) agus an tuiseal ginideach Farsi ann an -ye.[4] An latha an-diugh 's e Osmanlı İmparatorluğu a thathar a' cantainn rithe (-lı = -ach agus am facal Laideann Imperator air a thurcachadh).

Thàinig na Tuircich à Aisia anns an 11mh Linn agus beag air bheag dh'fhàs iad na bu treas anns an Aisia Bheag gus an robh stàit aca fhèin. Fhuair iad Ioslam bho Peirsia. Chaidh Impireachd nan Otomanach a stèidheachadh ann an Söğüt, faisg air Bursa ann an 1299 le Osman I. B' e gu robh na Otomanaich ag iarraidh a bhith os cionn an t-saoghail Muslamach, an àite nan Arabach. Leis gu robh na Arabaich agus An t-Impireachd Bheasantian a' fàs na bu laige, dh'fhàs cumhachd nan Otomanach fhèin. Fad linntean, shabaideadh iad ann aghaidh nàiseanan agus treubhan eile airson làmh an uachdar sna sgìre. Ann an 1453 ghlac iad Constantinople, a' cur crìoch air Impireachd Bheasantian agus theab iad Vienna a ghlacadh ann an 1523. nuair a bha iad ag àrd an cumhachd, shìneadh an Impireachd bho Mharoco air an àirde an iar gu ruige Asarbaideàn air an àirde an ear agus bhon Ungair ann an ceann a tuath gu ruige An Èipheit ann an ceann a deas.

Beyean agus Sultain

[deasaich | deasaich an tùs]

B' e sultain (turcais: padişah) às an aon teaghlach - air an robh Osmanlı Hanedanı - agus iad uile gu lèir sìol Osmain a bha os cionn na h-Impireachd bhon toiseach tòisichidh gu ruige crìoch nan Otomanach ann an 1922. Chanadh bey (Gàidhlig: tighearna) ris an fheadhainn an bu tràithe,[5] air sàilebh gu robhar fhathast ag aithneachadh cumhachd nan Seildiuc (Farsi: سلجوق). Cha do thòisicheadh an tiotal sultan (Arabais: سلطان‎‎) a chleachdadh ach ann an 1363 fo Mhurad I, nuair a thug e seilbh air Erdine.[6]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. The Ottomans
  2. Lost in History
  3. Andrsei
  4. Canfield, Robert L. (1991). Turko-Persia in Historical Perspective. Cambridge University Press. ISBN 0-521-52291-9.
  5. P. Golden, "Turks and Iranians: An historical sketch", in S. Agcagül/V. Karam/L. Johanson/C. Bulut, Turkic-Iranian Contact Areas: Historical and Linguistic Aspects, Harrassowit, 2006
  6. Ottoman Souvenir