Kattegat
Kattegat | |
Suidheachadh | |
Ainm dùthchail | Kattegat/Kattegatt |
Seòrsa | Caol |
Fad | 220km |
Leud | 142km |
Mòr-roinn | Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | An Danmhairg An t-Suain |
Làrach-lìn | Miljö |
'S e caolas anns an àirde an iar-thuath na Roinn-Eòrpa a th' ann an Kattegat/Kattegatt (IPA na Suainis: katːəˈɡat, na Danmhairgis: kʰad̥əɡ̊ad̥). Tha e suidhichte eadar an Danmhairg agus an t-Suain agus 's e an ceangal mara eadar an Cuan a Tuath/Skagerrak agus am Muir Baltach/Øresund a th' ann. Tha an Kattegat 25,485km² air fad, 220km a dh'fhaide agus 142km a leud, aig a' char as motha. Chan eil an Kattegat idir domhainn, 26m thar cheann. Chan e muir gu math saillte a th' ann nas motha, leis gu bheil uisgeachan na Baltaich a' sruthadh ann. Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à kat (Gàidhlig: cat) agus gat (toll) ann an Duitsis, a tha an t-ainm.[1] B' e gu robh sgiobairean luingeas na Lìog Hansa dhen bheachd gur robh beul a' Chaolais cho tana, caol nach ghabhadh cat seachad. Chanadh Jótlandshaf ris roimhe sin ann an Lochlannais.