Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire
Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire Virreinato de Nueva Granada | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1717 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1819 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Santa Fe | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Spàinntis |
B’ e Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire, Leas-Rìoghachd Shantafé neo Leas-Rìoghachd na Rìoghachd Ùire Ghranada colonaidh Spàinnteach thall ann an Aimearaga, am broinn Iompaireachd na Spàinne. Chuireadh an colonaidh sin air dòigh beag air bheag eadar 1717–1723, 1739–1810 agus 1816–1819, nuair a bha làmh-an-uachdair aig na Spàinntich ann an Aimearaga air fad. ‘S e an Rìgh Felipe V [1] a bha os cionn a’ gnothaich, a thòisich ann an 1717 mar phàirt dhe na polasaidhean ùra aig na Borbón, ged an do chuir iad crìoch air sin ann an 1723, air adhbharan taobh airgid. Thòisich an sgeama sin a-rithist ann an 1739 [2] gus an do rinn ar-a-mach an neo-eisimeileachd a’ chùis ann an 1810, nuair a dh’fhàg na Borbón an gnothach gu tur. Chuir an Rìgh Spàinnteach Fernando VII ruaig air na reubaltaich ann an 1815, gus an do bhuannaich na reubaltaich iomairt chruaidh, is le sin chaill na Spàinntich an colonaidh sin mu dheireadh thall, ann an 1819.[3]
Bha prìomh-bhaile na Leas Rìoghachd ann an Santa Fe, neo Bogotá ris an canar e an latha an-diugh.[4] Fhuair an dùthaich seula a’ bhaile cuideachd. ‘S e prìomh-bhaile Choloimbia a th’ann Bogotá gus na làithean againne, leis an aon seula fhathast. Bha na dùthchannan ris an canar Coloimbia, Panama, Eacuador agus A' Bheiniseala an latha an-diugh uile na bhroinn.[5] 'S e colonaidh mu làr a bh'ann an Leas-Rìoghachd sin, rud a dh'adhbharaich trioblaid dha na Spàinntich an siud, mu dheireadh thall.[6] Lean Coloimbia Mhòr an dèidh an neo-eisimeileachd.