Natan Sharansky
Natan Sharansky | |||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
17 dhen Ògmhios 1996 - 7 dhen Ògmhios 1999
18 dhen Ògmhios 1996 - 6 dhen Iuchar 1999 ← Michael Harish (en) - Ran Cohen (en) →
7 dhen Ògmhios 1999 - 17 dhen Ghearran 2003
6 dhen Iuchar 1999 - 11 dhen Iuchar 2000 ← Eli Suissa (en) - Chaim Ramon (en) →
7 dhen Mhàrt 2001 - 28 dhen Ghearran 2003
17 dhen Ghiblean 2006 - 21 dhen t-Samhain 2006 - Chaim Katz (en) → | |||||||||||||
Beatha | |||||||||||||
Breith | Donetsk (Donetska Oblast), 20 dhen Fhaoilleach 1948 | ||||||||||||
Dùthaich |
An t-Aonadh Sobhiatach Iosrael | ||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||
Athair | Boris Shcharansky | ||||||||||||
Màthair | Ida Milgrom | ||||||||||||
Cèile | Avital Sharansky (en) | ||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||
Foghlam | MIPT Department of Control and Applied Mathematics (en) | ||||||||||||
Cànain |
Beurla Ruisis Eabhra | ||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, sgrìobhadair, matamataigear, neach-iomairt nan còraichean daonna agus chess player (en) | ||||||||||||
Àitichean-obrach | Ierusalem | ||||||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||||||
Gluasad | Movement to Free Soviet Jewry (en) | ||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||
Creideamh | Iùdhachd | ||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Likud (en) Yisrael BaAliyah (en) | ||||||||||||
'S e matamataigear, sgrìobhadair, neach-poileataigs, neach-iomairt, refusenik agus easaontaiche à Iosrael/An t-Aonadh Sobhiatach a rugadh san Ucràin a th' ann an Natan Sharansky (ainm breithe: Anatoly Borisovich Shcharansky, Eabhra: נתן שרנסקי, Ucràinis: Натан Борисович Щаранський, Ruisis: Ната́н Борисович Щара́нский, Stalino, 20 am Faoilleach, 1948).[1] 'S ann do theaghlach Iùdhach Sìonach bùirdeasach a bhuin e: bha athair na neach-aithris roimhe.
An t-Aonadh Sovietach
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh na sgoile, far an robh e na sàr-ghineachas, thug e ceum ann am fiosaig san oilthigh MIPT am Mosgo. An dèidh an oilthighe, chuir e seachad corra bhliadhna ag obair ann an deuchainn-lann dhìomhair na stàite faisg air Mosgo. Dhiùilt an stàit cead-pòsaidh dha agus le sin phòs e aig an neach-iomairt Natalia Stieglitz ann an 1974 ann an dìomhaireachd, leis nach ghabhadh An t-Aonadh Sobhiatach ri pòsadh creideamhach idir. Ann an 1973 chuir e foirm-iarrtais ann ri dhol a dh'Iosrael, ach chaidh an tagradh seo a dhiùltadh air sgàth 's gun do dh'obraich e san deuchainn-lann dhìomhair. Thoisich e iomairt agus chaidh a chur an greim leis an KGB agus fhuair e binn-prìosain sa Ghulag ann an 1977. B' e tàileasg a chuidich e ri làimhseachadh na bliadhnaichean fad sa Ghulag.[2]
Iosrael
[deasaich | deasaich an tùs]Bha Sharansky air a shaoradh mu dheireadh thall ann an 1986, an dèidh iomairt eadar-nàiseanta agus chaidh e a dh'Iosrael. Ann an 1995 stèidhich e am partaidh poileatagach Yisrael BaAliyah.[3] Fhuair am pàrtaidh 9 seataichean san Knesset ann an 1996, 6 ann an 1999 agus 2 ann an 2003. Dh'aoin Sharansky Yisrael BaAliyah ri Likud ann an 2003. Tha Sharansky air a bhith na mhinistear malairt agus gnìomhachais (1996–1999), Rùnaire Stàite na Dùthcha (1999–2000), Leas-Phrìomhaire (2001–2003) Ministear Taigheadais agus Togail (2001–2003) agus Ministear Cùisean Ierusalem (2003–2005).
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Knesset
- ↑ BBC
- ↑ Elazar, Daniel J.; Mollov, M. Ben; Chemodanov, Alexander; Golberg, Alexander (30 June 2020). Israel at the Polls 1999: Israel: the First Hundred Years, Volume III. Routledge. ISBN 9781135279936.