Jump to content

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

O Uicipeid
Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Fiosrachadh
Stèidheachadh 16mh An t-Iuchar 1848
Luchd-stèidheachaidh José Hilario López
Àite-Stèidheachaidh Bogotá
Beachd-smuainealas Eachdraidheil Neo-chlèireachaileas
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Libearalas
Deamocrasaidh Sòisealta
Oifisean Avenida Caracas N° 36-01 Bogotá - Coloimbia
Cathraiche Rafael Pardo Rueda
Suidheachain Seanadh: 17
Còmhdhail: 37
Riaghaltas Às an riaghaltas a-nis

'S e partaidh poileatagach à Coloimbia 's a th' ann am Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis: Partido Liberal Colombiano).Chaidh a stèidheachadh ann an 1848. ‘S e fear dhen dà phàrtaidh traidiseanta na dùthcha a th’ ann a’ bhuidheann sin.Thug na beachdan aig an t-Seanalair Francisco de Paula Santander buidh mhòr air a' phàrtaidh aig toiseach tòiseachaidh.

Thathar ag ràdh gur e pàrtaidh meadhanach/làmh dheas, gu math sòisealach deamocratach a th' ann. Tha mòr-chuid aige anns a' Chòmhdhail. A bharrachd air sin ‘s e fear dhen dà phàrtaidh dùbhlanach an aghaidh an Riaghaltais aig a’ cheann-suidhe Álvaro Uribe Vélez a th' ann.

Thathar ag ràdh gun do deach am pàrtaidh a stèidheachadh air 16 an t-Iuchar 1848 nuair a mhol am fear-aithris Ezequiel Rojas prògram poileataigeach air an tug e Pàrtaidh Libearalach. Chleachd an t-Seanailear José Hilario López an t-ainm seo anns an iomairt aige airson a’ chinneas. ‘S e pàrtaidh adhartach agus ana-eaglaiseil a bh' ann dìreach bho thoisich-tòisichidh co-dhiù: Tha na Libearalaich air a bhith airson malairt fosgailte a bhrosnachadh agus taic a thoirt dha na luchd-cheàirde bho thùs. Bha am pàrtaidh an sàs ann an iomadach cogadh sìobhalta an aghaidh a’ phàrtaidh Tòraidh rè an 19mh linn (Cogadh na Mìle Làithean, mar eisimpleir). A bharrachd air sin, bha cogadh sìobhalta am broinn a’ phàrtaidh cuideachd, eadar na Libearalaich meadhanach agus na Libearalaich raidigeach).

‘S e dìreach am Pàrtaidh Libearalach a bha os cionn Riaghaltas na dùthcha gun eadar 1849 gu ruige 1886, àm ris an canar Àirde nan Raidigeach (Spàinntis: olimpo radical), leis gun do leasaich iad stàit uabhasach ana-chràbhach poballach, is gu math feadarail agus bhrosnaich iad adhartasan anns an fhoghlam poblach. ‘S e Tomás Cipriano de Mosquera agus Manuel Murillo Toro na cinn-suidhe nas ainmeile a bh' ann: is an dithis ceannardan na buidhnean meadhanach agus raidigeach a’ phàrtaidh. Chaill na raidigich an cuid neart nuair a leig Mosquera a dreuchd ann an 1872.

Àirde nan Tòraidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd buidheann ana-raidigeach am broinn a’ phàrtaidh aig toiseach-tòisichidh na 1880an, is chuir iad taic dha na Libearalaich meadhanach agus dhan Phàrtaidh Tòraidh, gus na raidigich a chur a-mach às an Riaghaltas. Shabaid na Libearalaich raidigeach airson feadaraileas na Stàitean Aonaichte Choloimbia anns a’ chogadh sìobhalta dhe 1885, le co-bhann nan Tòraidh is nan Libearalach eile airson meadhanachadh an riaghaltais, is iad fon sheann chathach libearalach Rafael Núñez. Bhuannaich an co-bhann sin dheireadh thall, is chuir iad Bun-Reachd ùr air bhog ann an 1886. Chaidh iad a leis a’ Phàrtaidh Tòraidh an ceann greiseag. Chaill na Libearalaich Cogadh na Mìle Làithean eadar (1899 agus 1902).

Chumadh na Libearalaich an suidheachadh làidir anns a’ Chòmhdhail fad iomadh bhliadhna, ach cha robh ach aon cheann-suidhe ùr aca gu ruige 1930. Bha an t-Seanalair Rafael Uribe Uribe, inntleachdail agus saighdear a chaidh a mharbhadh ann an 1914 os cionn a ‘ Phàrtaidh rè na bliadhnaichean sin nuair a bha iad na bheagchuid. An dèidh sin stiùireadh an t-Seanalair Benjamín Herrera iad, gus a bhàsaich e fhèin ann an 1928. Bha am Pàrtaidh iomadh thurais an sàs ann an Riaghaltasan Nàiseanta le ministear no dithis aca anns a’ chaibineit.

Leis an fhear-gnothaich is neach-aithris Alfonso López Pumarejo gan stiùireadh b’ urrainn dha na Libearalaich an gnothach a dhèanamh air na Tòraidh airson Enrique Olaya Herrera a chur dhan cheannas ann an 1930. Chumadh iad an Ceannas an greim rè 16 bliadhna le mòr-chuid aca anns a’ Chòmhdhail gu ruige 1946 fo López Pumarejo, Eduardo Santos agus Alberto Lleras Camargo cuideachd. ‘S e Dàrna Poblachd nan Libearalach (Spàinntis: Segunda República Liberal) ris an canar an àm sin, nuair a bha adhartasan sòisealta a mòra ann, gu h-àraidh fo López Pumarejo.

B’ urrainn dhan Thòraidh Mariano Ospina Pérez mhòr-chuid anns a’ Chòmhdhail fhaighinn ann an 1946 leis gu robh na Libearalaich gan sgaradh eadar Jorge Eliecer Gaitán agus Gabriel Turbay. A bharrachd air sin, dhiùlt na Libearalaich pàirt a ghabhail anns na taghaidhean ann an 1950 (le Darío Echandía Olaya os an cionn) an dèidh gun do deach Gaitán a mharbhadh ann an 1948 is air sàilleibh nach robh tèarainteachd ann dhuibhse.

Nochd sgaraidhean am broinn a’ phàrtaidh Libearalaich eadar am fheadhainn a bha airson neo an aghaidh an deachdaire Gustavo Rojas Pinilla a chuir Laureano Gómez Castro a-mach às an Riaghaltas ann an 1953. Chaidh iad uile gu lèir ri taobh na luchd-dùbhlain an ceann greiseag, nuair a mhothaich dìreach cho deachdaireach ‘s a bha an Riaghaltas aige. Mar sin, dh’aonaich iad còmhla ris a’ Phàrtaidh Tòraidh ann an 1957, is chuir iad A’ Bhuidheann Nàiseanta Choloimbia air dòigh airson Rojas Pinilla a chur a-mach às an Riaghaltas. Le sin chuir iad an còmhstri eachdraidheil eatorra ris an cùlaibh is chompàirtich iad an cumhachd rè 16 bliadhna, gu ruige 1974.

Nochd triùir ceannardan cudromach a’ phàrtaidh an dèidh na Bhuidhne Nàiseanta Choloimbia is iad airson an ceannas fhaighinn: Carlos Lleras Restrepo, Julio César Turbay agus Alfonso López Michelsen. Bha gach fear dhuibh os cionn na trì buidhnean làidir am broinn a’ phàrtaidh. ‘S e am pàrtaidh na bu treasa anns a’ Chòmhdhail gu ruige 2002 a bh’ann na Libearalaich is iad na bu chudromaiche na an Pàrtaidh Tòraidh co-dhiù. A bharrachd air sin, ’s e Libearalaich a bh’ann còignear dhe seachdnar cinn-suidhe na dùthcha bho an àm sin gus an latha an-diugh: Alfonso López Michelsen, Julio César Turbay, Virgilio Barco, César Gaviria agus Ernesto Samper. Chaidh an dithis cheann-suidhe Tòraidh Belisario Betancur agus Andrés Pastrana a thaghadh le taic bho cho-bhann còmhla ris na Libearalaich.

‘S e seann libearalach a leig am pàrtaidh a th’ann an ceann-suidhe a-nis, Álvaro Uribe Vélez, ga thaghadh ann an 2002 agus an uair sin ann an 2006 a-rithist. Thoir luchd-poileataics le freumhan libearalach làn taic dhàsan, is iad ri chèile ann am Pàrtaidh Sòisealta na Aonaidh Nàiseanta Choloimbia, neo Uribistas. ‘S e Horacio Serpa a bh’ann an tagraiche nan Libearalach na aghaidh anns na taghaidhean ann an 1998, 2002 agus 2006. Thathar ag ràdh gur esan a tha as coireach an droch ìomhaigh aig a’ phàrtaidh an latha an-diugh, gu h-àraidh air sgàth masladh ris an canar Proceso 8.000. Rinn sin cron air cliù an Riaghaltais aig Ernesto Samper. Le sin, cha do rinn esan an gnothach an aghaidh Andrés Pastrana anns an darna thurais ann an 1998. Bha am pàrtaidh ann an droch stàite agus chaill iad an aghaidh Álvaro Uribe Vélez ann an 2002 agus a-rithist ann an 2006.

Fhuair am Pàrtaidh Libearalach ballrachd dhan Bhuidheann Sòisealach Eadar-nàiseanta ann an 1999, an dèidh pròiseas fada a thoisich iad fo Alfonso López Michelsen ann an 1982. Thug iad an ceum sin airson na beachdan sòisealach deamocratach aca bho àm Rafael Uribe Uribe a leasachadh. Tha pròiseas dhe deamocratachadh air a bhith ann taobh a-staigh a’ phàrtaidh bho 2001.

An latha an-diugh

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e am pàrtaidh na bu motha anns a’ Chòmhdhail eadar 1931 agus 2006 a bh’ann, ach tha e air a’ mhòr-chuid aige a chall le nochdadh buidhnean poilteatageach ùra. Fhuair e 38 dhe 166 àiteachan anns a’ Phàrlamaid agus 18 àiteachan dhe 102 anns an t-Seanaidh aig na taghaidhean ann am Màrt 2006.

Thòisich an ceann-suidhe làithreach, Álvaro Uribe, a bheatha poileatageach anns a’ Phàrtaidh Libearalach, ged a’ bheil e air a bhith nas soirbheachaile le pàrtaidh neo-eisimealach eile, is na Libearalaich na aghaidh bho an robh e ga thaghadh ann an 2002. Chruthaich sin droch staing am broinn a’ phàrtaidh eadar na “daoine oifigeil” agus na “daoine airson Uribe". A dh’aindeoin an iomairt gus a' bhuidheann a thoirt ri chèile, tha a’ mhòr-chuid sòisealta deamocratach fhathast na aghaidh air sgàth na polasaidhean nua-libearalach agus daobhaidh aig Uribe.

Tha a' mhòr-chuid dhe na seann Libearalaich, a-nis daoine aig Uribe, fo bhratach dà bhuidheann ùra: Atharrachadh Raidigeach (Spàinntis: Cambio Radical) agus Pàrtaidh na h-Aonaidh Nàiseanta (Spàinntis: Partido de Unidad Nacional). Thagh am pàrtaidh an seann cheannard César Gaviria mar riochdaire nàiseanta ann an 2005 airson atharraidhean a dhèanamh ro na taghaidhean ann an 2006. Chaidh Horacio Serpa a thaghadh mar thagraiche airson an treas turas, ach bhuannaich Álvaro Uribe Vélez.

Thug taghaidhean am broinn a’ phàrtaidh air 25mh am Màrt 2007 gus buill oifisean roinneil a’ pàrtaidh agus riochdairean dhan Treas Còmhdhail Nàiseanta nan Libearalach (Spàinntis: Tercer Congreso Nacional Liberal) a lorg. Ghabh an còmhdhail sin àite ann am Medellín aig deireadh a’ Ghiblean 2007. Leis a bharrachd air 1,270,000 bhòtaichean, b’ urrainn dhan phàrtaidh ga neartachadh fhèin, is sin an taghadh na bu mhotha am broinn pàrtaidh poiliteageach air choireigin a bh’ann a-riamh ann an Coloimbia.

Chaill am pàrtaidh mòran taic na luchd-bhòtaidh aig na taghaidhean roinneil air 27mh an Dàmhair 2007, is cha d’fhuair iad ach 6 riaghaltasan roinneil (Córdoba, Putumayo, Atlántico, Cundinamarca, Santander agus Caldas) dhe 32 air feadh na dùthcha, 7 bailtean dhe na 32 bailtean mòra agus dìreach 200 bailtean beaga dhe mìle gu lèir. Tha am pàrtaidh air mion-sgrùdadh a dhèanamh a dèidh na chaill iad.

Tha am Pàrtaidh Libearalach a-nis ag amas air a shuidheachadh taobh am prògraim smaoineasach agus an chuid chuilbheartan airson soirbheachas fhaighinn ann an taghaidhean a’ Phàrlamaid is a’ Chinneas ann an 2010. A bharrachd air sin, thathar a’ deasbad, aig gach ìre a’ Phàrtaidh, air ainmean tagraichean a’ Chinneas: an t-sean Cheann-suidhe César Gaviria, an t-Seanadair Piedad Córdoba, an t-seann mhinistear agus seanadair Rafael Pardo, na seann seanadairean Iván Marulanda Gómez agus Rodrigo Rivera Salazar, an t-Seanadair Cecilia López Montaño, an seann Ministear a’ Cheartais Alfonso Gómez Méndez agus Aníbal Gaviria Correa, sean Riaghladair air Antioquia. Fhuair a' Phàrtaidh dìreach 17 seataichean anns an t-Seanadh anns an taghaidhean ann an 2010.[1]

Institiùd Smaoineachadh nan Libearalach

[deasaich | deasaich an tùs]

‘Se ionaid foghlam beachd-smuainealach a’ Phàrtaidh a th’ anns an Institiùd Smaoineachadh nan Libearalach (Spàinntis: Instituto del Pensamiento Liberal). Chaidh an Institiùd seo a dh’ainmeachadh cridhe sgoilearachd a’ phàrtaidh an dèidh co-labhairt nan Libearalch ann an 2001, ged an robh buidheann eile dhen aon sheòrsa ann o shean.

Daoine Òga

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iomadach daoine òga a’ phàrtaidh air a bhith am broinn Buidheann Nàiseanta nan Libearalach Òg (Spàinntis: Organización Nacional de Juventudes Liberales) bho atharrachadh riaghailtean a’ phàrtaidh ann an 2002; Tha àireamhan nan òganach aig a h-uile ìre anns a’ phàrtaidh aig 10% an latha an-diugh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Caracol[dead link]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]