Sruighlea
Sruighlea | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Shruighlea |
Siorrachd | Siorrachd Sruighlea |
Co-chomharran | 56° 7′ Tuath 3° 56′ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 41,243 (2001) |
Àireamh fòn | 01786 |
Duilleag oifigeil | Comhairle Shruighlea |
'S e baile a tha ann an Sruighlea (Beurla: Stirling). Tha e suidhichte ri taobh A' Mhonaidh Ochail ann an Alba mheadhanach. Anns na seann linntean bha Sruighlea na phrìomh-bhaile Rìoghachd na h-Alba.
Seann Bhaile Sruighlea
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Seann Bhaile Sruighlea suidhichte cruinn timcheall air Sràid Bhràghaid (Broad), Sràid Naomh Eòin (St John's) agus Slighe Naomh Mhoire fo mhùran a' Chaisteil. Tha blas agus coltas baile meadhan-aoiseach gan gleidheadh aige fhathast, le sràidean chlachan càsaichte agus pailteas de sheann dachaighean agus aitreabhan eile, is eachdraidh àraidh aig gach aon dhiubh. Tha taighean-bìdh, bùthan cofaidh, gailearaidhean ealain, taighean-tasgaidh agus taigh-cluiche ann cuideachd.
Balla a' Bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Balla Sruighlea am mùr bhaile as fheàrr a tha a' mairsinn ann an Alba. Chaidh a thogail ann an 1547 mar dhìdean nuair a bha Rìgh Shasainn, Eanraig VIII, ag iarraidh pòsadh a sparradh eadar an leanaban Màiri, banrigh nan Albannach, agus Ìomhair, a mhac. Bha ionnsaighean daonnan gan toirt air Sruighlea, leis gum b' e àite-suidhe na Cùirte Rìoghail a bh' ann.
Tha slighe choisich, air ruith a' bhalla, ainmichte mar an ceum rathaid bailteil as fheàrr san Roinn Eòrpa. Bha i air a dealbhadh timcheall air 1723 agus 1791, agus chithear seallaidhean ceutach bho air a fad agus bhon iomadh suidheachan a tha oirre. 'S i cuairt iomlan a th' anns an t-slighe a ghabhar ruigsinn aig mòran ionadan san t-Seann Bhaile, cho fada ri Guildhall, agus chan eil bacadh mu choinneimh chathraichean-cuibhle no charbadan cloinne.
Daoine cudromach
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Cathie Craigie, neach-poileataigs Albannach san 14 an Giblean 1954 ann an Sruighlea.
A' Ghàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Sruighlea anns na bliadhnaichean 1909, 1961, 1971 agus 1987.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Am Mòd Nàiseanta - Ionadan gach bliadhna”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 17mh dhen Dàmhair 2017.
Dùn Èideann · Dùn Dèagh · Glaschu · Inbhir Nis · Obar Dheathain · Sruighlea