Winterthur
Coltas
Winterthur
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Zürich | ||||
Cànan | Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 47° 30 00′ Tuath 08° 45 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 68.7 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 101,203 (2010) | ||||
Dlùths | 1,473.11/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 52 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.stadt-winterthur.ch |
‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na h-Eilbheis a th’ ann an Winterthur (IPA: ˈvɪntərtuːr, Fraingis: Winterthour). ‘S ann às an Laideann Vitudurum a tha an t-ainm. Chaidh am baile seo a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1180 ged an robh daoine air a bhith a’ fuireach an seo bho àm nan Ròmanach. Tha e suidhichte dìreach ri taobh na h-aibhnichean Eulach agus Töss, aig 456m os cionn ìre na mara[1] anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Zürich, dìreach 21km air falbh bho Zürich, ach 244km bho Ghenève agus 116km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 101,203 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 6mh baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann Winterthur.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Johannes von Winterthur (mu 1300 – 1348 neo 1349) manach agus seanachaidh.
- Hans Haggenberg (mu 1450 –mu 1515): Dealbhadair.
- Johann Georg Sulzer (1720 – 1779): Feallsanaiche.
- Salomon Hegner (1789 – 1869): Innleadair.
- Jakob Flach (1894 – 1982): Sgrìobhadair.
- Richard R. Ernst (1933): Ceimigear.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Stadt Hall in Tirol
- ↑ Ville de la Chaux-de-Fonds
- ↑ Ville d’ Yverdon-les-Bains
- ↑ Statutární Město Plzeň