Ceannard ùr aig Ceòlas
- Air fhoillseachadh
Chaidh John Joe MacNèill à Barraigh ainmeachadh mar cheannard Cheòlais.
'S e a' chiad cheannard a bhios air a' bhuidhinn.
Dh'innis Ceòlas gu bheil Mgr MacNeill a' tighinn thuca le eòlas farsaing ann am foghlam agus ceannardas, le ùidh mhòr ann an Gàidhlig, cultar agus dualchas.
Tha e air a bhith ag obair ann an roinn an fhoghlaim fad grunn bhliadhnaichean is bha e na cheannard air Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair nuair a dh'fhosgail i.
Thuirt Ceòlas gum bi na sgilean sin gu math cudromach dhaibh is iad fhèin dìreach air gluasad gu dachaigh ùr.
"Tha sàr-eòlais aig John Joe air a bhith a' stèidheachadh bhuidhnean ann an togalaichean ùra, mar Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar anns a' Chaol, rud a bhios luachmhor dhuinn agus sinn air gluasad chun an togalach ùr againn - Cnoc Soilleir", thuirt cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonghais.
"A bharrachd air an sin, tha an tuigse a th' aig John Joe air foghlam Gàidhlig gu bhith na bhuannachd dhuinn, a' cur ris ar luachan a bhith a' brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig", thuirt i.
Brosnachadh agus leasachadh
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt Mgr MacNèill gur e cothrom air leth a th' ann dha.
"Tha na h-amasan againn uabhasach fhèin soilleir: tha sinn ag iarraidh brosnachadh agus leasachadh a dhèanamh ann an Gàidhlig, ann an cànan agus anns na h-ealain.
"Bu chòir dhomh cuideachd a ràdh gur e dìreach deagh rud dha-rìribh a tha seo gu bheil ceannard a-nise aig a' bhuidhinn.
"Tha sinn a' sealltainn an rathaid a tha Ceòlas air a bhith air agus an obair dìreach iongantach a tha Ceòlas air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean gu ruige seo, gu bheil iad a-nise air ceannard fhastadh.
"Tha e a-nise a' toirt dhuinn cothrom a bhith timcheall a' bhùird còmhla ri buidheanan Gàidhlig eile agus buidheanan maoineachaidh", thuirt e.
Chaidh an naidheachd fhoillseachadh agus Sgoil Shamhraidh Cheòlais a' dol air adhart an-dràsta fhèin ann an Cnoc Soilleir 'son a' chiad uair.