Jump to content

Ar-a-mach na Gearmailt

O Uicipeid
Ar-a-mach na Gearmailte
(Novemberrevolution)

Ceann-latha 29 an Dàmhair 191811 an Lùnasdal 1919
Àite A' Ghearmailt
Buil
Atharrachaidean Cur às dhan Mhonarcachd
Buaidh Phoblachd Weimar
Luchd-dùbhlain
Pàrtaidh Comunnach na Gearmailte
Lìog nan Spartacach
Ìmpireachd na Gearmailt
Deutsches Heer
Poblachd Weimar
Reichswehr
Freikorps
Stahlhelm
Cinn-fheachda
Rosa Luxemburg
Karl Liebknecht
Kurt Reisner
Karl Radek
Paul Levi
Wilhelm III
Ludwig II
Erich Ludendorf
Gustav Noske
Friedrich Ebert

B' e sreath thachartasan phoileataigich air feadh na dùthcha aig deireadh a' Chogaidh Mhòir ann an 1918 a mhair gu ruige Am Màrt 1919 a chuir crìoch air Monarcachd anns A' Ghearmailt agus a chuir poblachd le Bun-reachd deamocratach na h-àite a bh' ann Ar-a-mach na Gearmailte (Gearmailtis: Novemberrevolution).[1]

Bha freumhan an ar-a-maich ann an suidheachadh poileataigeach agus sòisealta na Gearmailte ron a' Chogadh:[2] air an dàrna thaobh bha cruaidh fheum air deamocrasaidh am broinn Bun-reachd Ìmpireachd na Gearmailt agus air an taobh eile chan fhaodadh do cheannardan na dùthcha a ghabhail ri atharraidhean a bheireadh piseach air an t-suidheachadh sin. Thoisich an t-Ar-a-mach nuair a dhiùlt maraichean a ghabhail ri òrdughan a' Chabhlaich airson batal cruaidh a leantainn an aghaidh Luingeas Bhreatainn: Sgaoil an t-ar-a-mach gu math luath air feadh na dùthcha, bho phuirt mar Wilhelmshaven agus Kiel,[3] agus an ceann greis chaidh Poblachd a ghairm air 9 an t-Samhain 1918, an dèidh dhan Cheusair a dreuchd a leigeil dheth. Chaochail e thall thairis. Dh'aonaich buidheann 120 luchd-ealain, air an robh Novembergruppe (Gàidhlig: Buidheann na Samhna), leis an ar-a-mach cuideachd, a' toirt cuideam agus pròis dha.[4]

Anns an Fhaoilleach 1919, b' fheudar dhan phoblachd ùr seasamh an aghaidh nan Spartacach,[5] a bha airson rèigim Comunnach a chur air dòigh, coltach ris an Riaghaltas ùr thall san Ruis, a chaidh a stèidheachadh ann an 1917. An uair sin, cho-dhùin ceannardan a' Phàirtidh Shòisealta Dheamocrataich (SPD), a bha air a bhith a' stiùireadh an ar-a-maich bho toiseach an latha ann an 1918, gun cuireadh iad ruaig air na Spartacaich, a' tachadh an ar-a-maich. An àite cumhachd a thoirt bho na h-uachdarain, thoisich an SPD ri còradaidhean a rèiteachadh: le sin, dh'aonaich iad ri oifigearan an Airm agus chuir iad feachdan neo-fhoirmeil an sàs air an robh Freikorps[6] (Gàidhlig: Feachdan Saora), làn dhaoine na làimhe deise.[7]

Thàinig an t-Ar-a-mach gu crìoch nuair a ghabh an dùthaich ri Bun-reachd na Poblachd Weimar air 11 an Lùnasdal 1919 ann an Weimar.[8]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Geschichte Abitur
  2. Novemberrevolution
  3. Kiel
  4. Ketterer Kunst
  5. Geschichte Abitur
  6. DHM
  7. Novemberrevolution
  8. Geschichte Abitur