Jump to content

Humphry Davy

O Uicipeid
Humphry Davy
23. President of the Royal Society (en) Translate

1820 - 1827
William Hyde Wollaston (en) Translate - Davies Gilbert (en) Translate
Beatha
Breith Pennsans, 17 dhen Dùbhlachd 1778
Dùthaich  A' Chòrn
Bàs Geneva, 29 dhen Chèitean 1829
Àite-adhlacaidh Cemetery of Kings (en) Translate
Teaghlach
Athair Robert Davy
Màthair Grace Millett
Cèile Jane Davy (en) Translate  (11 dhen Ghiblean 1812 -
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Truro Cathedral School (en) Translate
Àrd-fhoghlam no value
Cànain Beurla
Oileanaich Michael Faraday
Dreuchd
Dreuchd ceimigear, innleachdair, fiosaigiche, geòlaiche, neach togail dhealbhan, bàrd agus sgrìobhadair
Fastaichean An Comann Rìoghail
Duaisean a fhuaras
Buaidh Benjamin Thompson (en) Translate
Ballrachd Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Comann Ainmh-eòlas Lunnainn
Comann Warsaw Caraidean an Ionnsachaidh
An Comann Rìoghail
Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Institut de France (en) Translate
Accademia Nazionale delle Scienze detta dei XL (en) Translate
Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan
Acadamh Fhrangach nan Saidheansan

B' e ceimigear agus creag-eòlaiche Sasannach a bha ann an Humphry Davy, (Penzance, a’ Chòrn, 1778Geneva, an Eilbheis, 1829). Tha e ainmeil airson a rannsachadh ceimigeach agus lampa sàbhailteachd airson mèinnearan.

Bha e na sgoilear aig an sgoil-ghràmair ann an Truro agus dh'obraich e ann am Pennsans mar phreantas ri poitigeir.[1]

An dèidh sin ghluais e do Bhristol far an do lorg e na buaidhean N2O no gas gàireach. Thachair e ri na bàird Robert Southey agus Samuel Taylor Coleridge agus dheasaich e an dàrna eagran de Lyrical Ballads le William Wordsworth.

Dh'obair e mar leas-òraidiche agus ann an sin mar stiùiriche aig an Institiud Rìoghail ann an Lunnainn eadar 1801 agus 1825. B' e fear de na chiad rannsaichean a chleachd am bataraidh a dh'innlich Alessandro Volta ann an 1800 airson na ceimigeachd. Lorg e bòron, sodium is potasium agus dh'ainmich e clòrain. Chaidh e na fhrith-bharan ann an 1818 agus dh'fhrithealaich e mar cheann-suidhe a' Chomainn Rìoghail eadar 1825 agus 1828. Chaochail e 29 an Cèitean 1829 ann an Geneva.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sir Humphry Davy (1778–1829)”. Institiud Rìoghail. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023.
  2. Sir Humphry Davy (1778 - 1829)”. BBC History. Air a thogail 5mh dhen Dàmhair 2023.