Jump to content

Saalfeld/Saale

O Uicipeid
Saalfeld/Saale
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Saalfeld-Rudolstadt
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 50° 39' 02' Tuath
11° 21' 15' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 48.75 km²
Àireamh-shluaigh 25,098 (2013)
Dlùths 514.83/km²
Àireamh fòn +49 (0)3671
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach faisg air Rudolstadt ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Saalfeld/Saale. Tha e suidhichte aig 235m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Saale am broinn na stàite Thüringen. Tha am baile 37km air falbh bho Weimar, 43km bho Erfurt, 57km bho Ghera agus 252km bho Bherlin.[1] Tha 25,098 duine a' fuireach ann.[2]

Chaidh Saalfeld/Saale a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 899.[3] Bha am baile fo smachd Ezzo von Lotheringen bho 1012 gus a leig a nighean e dhan eaglais ann an 1056, fo chùram Easbaigeachd Köln.[4] Thogadh Abaid ann an 1071 a chaidh a mhilleadh ri linn an Ath-leasachaidh ann an 1526.[5] Thug an teaghlach uasal Schwarzburg seilbh air Saalfeld ann an 1208, ga chumail gu ruige 1359, nuair a thug an teaghlach Wettin thairis air, ga chumail gu ruige Ar-a-mach na Gearmailt ann an 1918.[6] Fhuair Saalfeld còirichean a thaobh chìsean, mhalairt agus mhargaidhean ann an 1208, chaidh Talla a' Bhaile a thogail ann an 1359, ballachan-dìona ann an 1363, drochaid tarsainn na Saale ann an 1373 agus Taigh-cùirte ann an 1452.[7] Thogadh Abaid eile ann an 1250, a mhair gu ruige 1534. An dèidh an Ath-Leasachaidh bha suidheachadh a' bhaile gu math cugallach agus dhèidheadh e bho theaghlach uasal gu teaghlach uasal fad còrr is ceud bliadhna: bha e fo smachd Sagsainn-Weimar bho 1572 gu ruige 1603, Sagsainn-Altenburg gu ruige 1673 agus, mu dheireadh thall, Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld ann an 1673. B' e prìomh-bhaile na Diùcachd sin a bh' ann bho 1699 gu ruige 1735.[8] Rinn teine droch mhilleadh air Saalfeld ann an 1517. Thug cath mòr àite an seo ann an 1806, nuair a chuir 14,000 saighdear às An Fhraing ruaig air 9,000 às A' Phruis.[9] An dèidh cogaidhean Ar-a-mach na Frainge, thoisich malairt a' fàs na bu treasa agus na bu treasa ri linn Tionndadh Gnìomhachais fad an 19mh Linn. B' e gearrastan Arm na Gearmailt a bh' ann Saalfeld bho 1936 gu ruige 1945. Chaidh Iùdhaich a' bhaile a mharbhadh uile gu lèir ri linn an darna Cogaidh, a bharrachd air 571 duine a chaidh a sheasgachadh an aghaidh an toil cuideachd. Air 9 an Giblean 1945, chaidh 208 duine a mharbhadh ann am bombaireachd.[10]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. TLUG Jena
  4. Rheinische Geschichte
  5. Museum Kloster
  6. Urmel
  7. Karin Volger
  8. Almanach de Gotha
  9. Histoire de l'Europe
  10. Bombardierung Saalfeld

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]